About Health Promotion

MU DHEIDHINN

Tha Brosnuchadh Slàinte ag obair air son cabhair a dhèanamh air daoine, buidheannan is coimhearsnachdan is am misneachadh gus an dèan iad roghainnean dòigh-beatha na’s fheàrr, a chum piseach a dhèanamh air an t-slàinte is a’ ghnè-beatha aca.

Tha Brosnuchadh Slàinte cuideachd ag obair ann am co-pàirteachas còmhla ri raon de bhuidhinn ionadail is nàiseanta gus aghaidh a chuir air cùisean na’s fharsuinn a tha a’ bualadh air slàinte, leithid bochdainn, tigheadas neo toraidhean cion-obrach.

ABOUT

Health Promotion works to help and empower people, groups and communities to make improved lifestyle choices, in order to better their health and quality of life. 

Health Promotion also works in partnership with a range of local and national groups and agencies to address wider issues that impact on health eg. poverty, housing, or the effects of unemployment. 


 AN RÙN

Tha seo air a thoirt gu buil le a bhith a’ dearbh-aithneachadh feuman, a’ tairgse earail shònraichte, fòghlum is leasachadh poileasaidh, a’ togail mothachadh mu thimcheall cuspairean frionasach is a’ brosnuchadh ionnanachd is ruigsinneachd.

‘S e prìomh bhuidheann a th’ann an Brosnuchadh Slàinte a chum slàinte na coimhearsnachd a bhrosnuchadh, ag obair ann an co-chaidreachas còmhla ri buidhinn reachdail, saor-thoileach is eile.  Tha e a’ dèanamh strì daonnan gus dòigh mhodhannach is iomlan-slànach a ghabhail ris an obair aige, a’ leantainn an iomairt Slàinte Airson Na h-Uile bho’n Cho-Chomunn Slàinte na Cruinne.

Tha caochladh phrògraman aig An Roinn, air an lìbhrigeadh ann an deifir shuidhichean, mar eisimpleir an àite-obrach, coimhearsnachd neo sgoil.

THE MISSION 

It does this by identifying needs, offering specialist advice, education and policy development, raising awareness of sensitive issues and promoting equity and accessibility.

Health Promotion is a lead agent for promoting the health of the community, working in partnership with statutory, voluntary and other organisations. At all times it strives to adopt an ethical and holistic approach to its work following the World Health Organisation’s Health For All initiative.

The Department has a variety of programmes delivered in a number of settings eg. workplace, community or school.


PRÌOMH PHRIONNSABALAN

  • Ionnanachd
  • Comasachadh dhaoine
  • Co-pàirteachadh dhaoine
  • Co-oibreachadh le buidheannan/eadar-bhuidhne

MAIN PRINCIPLES

  • Equity
  • Empowerment of people
  • Participation by people
  • Co-operation with groups
  • Interagency co-operation

COMHAIRLEACHADH

Tha an Roinn Brosnuchadh Slàinte ag oibreachadh bho bun-ionadan ann an Steòrnabhagh agus Baile a’ Mhanaich.

Tha an Roinn fosgailte air dhòigh ‘coiseachd a-steach’, Diluain gu Diardaoin bho naoi uairean anns a’ mhadainn gu leth-uair as dèidh còig uairean feasgar, agus air Dihaoine bho naoi uairean gu còig uairean feasgar.

Tha earail ri fhaotainn air dhòigh choinneamhan-shuidhichte bho Sàr-Eòlaichean Brosnuchadh Slàinte uidheamaichte is fiosraichte.

CONSULTANCY

The Health Promotion Department operates from bases in Stornoway and Balivanich.

The Department is open on a ‘walk in’ basis, Monday to Thursday 9am – 5.30pm and Friday 9am – 5pm.  

Advice is available on an appointment basis from qualified and experienced Health Promotion specialists.